Fiosrachadh mun CAP
‘S e prògram Eòrpach airson taic agus ionmhas a th’ann am Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais air am faigh tuathanaich, croitearan agus coimhearsnachdan dùthchail na h-Alba cothrom tro Riaghaltas na h-Alba.
Tha maoin an stòrais a’ cumail taic ri leasachaidhean àrainneachd, eaconamach agus coimhearsnachd air feadh Alba ann an grunn àiteachan.
Tha seo a’ gabhail a-staigh giullachd-bidhe agus deoch, pròiseactan ionadail coimhearsnachd agus turasachd, coilltearachd agus leasachadh malairt.
Tha an Roinn Eòrpa a’ roinn an ionmhais gu buill-stàite ann an dà dhòigh:
- Stòras Barantais Àiteachais na h-Eòrpa (EAGF) – Colbh a h-Aon no Maoin Dìreach
- Stòras Àiteachais na h-Eòrpa airson Leasachaidh Dùthchail (EAFRD) Colbh a Dhà no Prògram Leasachaidh Dùthchail na h-Alba
Tarraing thugaibh geàrr-iomradh air Poileasaidh Coitcheann an Àiteachas ann an Alba
Ann an 2015, thèid Poileasaidh Coitcheann Àiteachais ùr agus ath-leasaichte fhoillseachadh.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo
Maoin Dìreach
Seo taic ionmhais a dh’fhaodadh tighinn gu tuathanaich, croitearan agus daoine aig a bheil talamh, a-rèir meud agus seòrsa an tuaith agus na beathaichean a thathas a’ cumail.
Tha iad a’ cuideachadh thuathanaich ann a bhith a’ stiùireadh an cuid fearainn ann an dòighean a tha buanachdail dhan àrainneachd agus seasmhach agus cuideachd a’ cumail suas ìrean-làimhseachaidh bheathaichean.
Thig còrr is £3.3 billean gu raon àiteachais na h-Alba tro Mhaoin Dìreach anns an ùine a sheasas Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais. Tha a’ mhaoin seo a’ cumail taic ri teachd-a-steach iomadach gnothach-malairt dùthchail, a tha an uair sin nan taic do dh’eaconamaidh na h-Alba agus a’ cothromachadh sligh-giullachd a’ bhidhe.
Ma tha tuathanaich, croitearan agus daoine le talamh airson cothrom a ghabhail air Maoin Dìreach, feumar Bileag Tagraidh Singilte a dheisealachadh gach bliadhna.
Prògram Leasachaidh Dùthchail na h-Alba
Seo sgeamaichean taic-ionmhais air am faod tuathanaich, croitearan agus daoine le talamh no buidhnean eile ag obair ann an coimhearsnachdan dùthchail cothrom a ghabhail airson taic phròiseactan.
Tha na sgeamaichean a’ cumail taic ri raon de ghnìomh, nam measg pròiseactan tuath-àrainneachd atharrachadh aimisir, stiùireadh coilltearachd no sgilean agus trèanadh.
Faodaidh taic-iomhais bhon phrògram cuideachadh le cothroman-cosnaidh ùra a chruthachadh ann an sgìrean dùthchail tro phròiseactan calpa mar a th’againn orra – leithid toglaichean – no dìreach a’ pàigheadh airson dreuchdan ann am pròiseactan coimhearsnachd.
Tha a’ mhaoin ri faighinn tro fharpais agus pròiseas tagraidh.Fon SRDP airson 2014-2020, thèid buidseat de chòrr is £1.3 billean a chomharrachadh tro ghrunn sgeamaichean taic-ionmhais.
Gheibhear barrachd a-mach mu Phrògram Leasachaidh Dùthchail na h-Alba an seo