Sgeama Maoineachadh Àiteachais airson Croitearachd
Tha an sgeama seo a’ toirt seachad maoineachadh do chroitearan airson an croitean a leasachadh agus airson an gnìomhachas a chumail seasmhach.
Faodaidh sibh am maoineachadh a chleachdadh airson:
- pròiseactan calpa, mar eisimpleir airson togalaichean a thogail neo a leasachadh
- Comataidhean Feurach Coitcheann a stèidheachadh, airson uallach a ghabhail airson feurach coitcheann a stiùireadh agus a ghlèidheadh, air an taghadh le na croitearan a tha ga chleachdadh
Faodaidh maoineachadh airson pròiseactan calpa a bhith airson pàirt sam bith den phròiseact, mar eisimpleir airson pàigheadh airson stuthan, cosgaisean luchd-cùmhnant neo airson ur saothair fhèin.
Taobh a-steach dà bhliadhna, faodaidh sibh cur a-steach airson an suim airgid a leanas de mhaoineachadh:
- croitear fa leth: suas ri £25,000
- buidheanndechroitearan: suasri £125,000
Foirmean
Lìbhrigeadh an sgeama
Tha an sgeama seo air a lìbhrigeadh tro: